Mu Cheòlas

Bidh Ceòlas a’ tabhann cothrom air leth air eòlas a chur air dualchas beò ann an coimhearsnachd bheairteach Ghàidhlig. Tha a’ bhuidheann a’ comharrachadh, ag adhartachadh agus a’ leasachadh ceòl traidiseanta, cànan, cultar agus dualchas, a’ co-obrachadh le coimhearsnachdan ionadail, nàiseanta is eadar-nàiseanta aig a bheil na h-aon ùidhean coitcheann.

Nar cuid obrach, bidh sinn:

  • A’ brosnachadh an dà chuid leasachaidh eaconamaich agus shòisealta le bhith a’ dol an sàs cuide ris a’ choimhearsnachd ionadail, a’ tàladh luchd-tadhail, agus a’ cruthachadh chothroman.
  • A’ cumail suas agus neartachadh cheanglaichean eadar Uibhist a Deas agus Ceap Breatainn, agus le coimhearsnachdan Ceilteach eile.
  • A’ lìbhrigeadh oideachadh àrd-inbhe bho luchd-ealain proifeasanta barraichte, agus a’ dèanamh cinnteach gum bi ionnsachadh agus teagasg sàr-mhath dha na h-uile.
  • A’ co-roinn ar n-eòlas ann an lìonrachadh agus cur air dòigh thachartasan do bhuidhnean eile anns na h-ealain leithid thèatar, ceòl, dannsa agus film.

Bho chaidh a stèidheachadh ann an 1996 le Hamish Moore le taic bho Phròiseact nan Ealan, tha Ceòlas air fàs bho bhith na sgoil chiùil is dannsa fad seachdain gu bhith air aon de na prìomh bhuidhnean cultair, dualchais agus ealain na Gàidhlig ann an Alba. Tha prìomh àite aig Ceòlas ann an ath-bheothachadh sòisealta is cultarail nan eilean agus tha e dealasach a bhith a’ cur ri cultar beòthail na Gàidhlig do na ginealaichean ri teachd.

Cnoc Soilleir

Tha Cnoc Soilleir na cho-iomairt ùr-ghnàthach eadar Ceòlas agus UHI Ceann a Tuath, an Iar, agus Innse Gall. Freumhaichte ann an sgìre Ghàidhlig Uibhist a Deas, bidh Cnoc Soilleir a’ cur ri adhartachadh agus leasachadh dualchas Ghàidhlig na coimhearsnachd.

Chaidh a’ chiad ìre de Chnoc Soilleir fhosgladh don t-sluagh san t-Sultain 2022 agus bhon uair sin tha e air ainm a chosnadh mar àite cruthachail agus ionad beòthail, gach cuid gu h-ionadail agus nas fharsaing.

Ar n-Obair

Ceòl

Faigh eòlas air smior cultar na Gàidhlig.

Cànan

Ionnsaich tuilleadh mun Ghàidhlig bheairteach againn.

Cultar

Bogaich thu fhèin san dualchas bharraichte againn.

Dannsa

Lorg às ùr ruitheam ceòl na Gàidhlig

Dualchas

Comharraich ar dualchas eileanach.

Ar Luchd-obrach

Dreuchdan-bàna

Thig a dh’obair na sgioba bheag ann an Cnoc Soilleir, Uibhist a Deas!

There are currently no vacancies.

Ar Bòrd-stiùiridh

Cuairt-litir

Cùm suas ris na naidheachdan as ùire againn, tachartasan, agus gnothaichean eile, gach cuid air-loidhne agus ann an Uibhist a Deas!
activities online and in South Uist!

Fo-sgrìobh

Cuir fios thugainn

Bu toil leinn cluinntinn bhuat!
Cuir fios thugainn le ceistean no beachdan.

Cuir fios thugainn
Ar Buidheannan Maoineachaidh

Ar Luchd-maoineachaidh

Ceòlas Uibhist is proud to be a Living Wage Employer.