Description
Rugadh Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill ann am Peighinn nan Aoirean an Uibhist a Deas sa bhliadhna 1919, agus chaidh a thogail is arach sa bhaile sin. Dh’fhàg e sgoil Thobha Mòir aig aois cheithir bliadhna deug agus thòisich e ri obair air croit athar. Ri linn bristeadh a-mach a’ chogaidh ann an 1939, chaidh e fhèin is a chompanaich anns an Arm Dhùthchail a ghairm, agus a tha fios aig an t-saoghal dè a thachair aig St. Valery air an dara latha deug dhen Ògmhios, 1940. Chuir Dòmhnall Iain seachad ceithir bliadhna gu leth na phrìosanach-cogaidh anns a’ Ghearmailt.
Nuair a bha cogadh seachad thill e dhachaigh a dh’Uibhist gu obair na croite agus obair sam bith eile a bha a’ dol. Rinn e cruinneachadh mòr de bheul-aithris do Sgoil Eòlais na h-Alba, a bha air a h-ùr-stèidheachadh ann an Dùn Èideann ann an 1951.
Chaidh a chrùnadh mar Bhàrd aig a’ Mhòd Nàiseanta an Glaschu sa bhliadhna 1948, agus nochd cruinneachadh dhen bhàrdachd aige fon ainm Sguaban Eòrna ann an 1973. Goirid an dèidh sin sgrobh e leabhar eile, Fo Sgàil a’ Swatsika, cunntas air na bliadhnachan a chuir e seachad na phrìosanach sa Ghearmailt. Tha an leabhar sin fhathast ri fhaighinn bho Acair. Nochd Chì Mi, cruinneachadh eile de bhàrdachd Dhòmhnaill Iain, air a dheasachadh le Bill Innes ‘s air fhoillseachadh le Birlinn, ann an 1998.
Tha Uibhist a Deas ga ùr-fhoillseachadh ann an 2019 mar chomharradh air ceud bliadhna bhon rugadh an t-ùghdar.
Chaochail Dòmhnall Iain ann 1986.
Republished in 2019, MacDhòmhnaill’s book – Uibhist a Deas – tells the history of South Uist from the formation of its geology to the culture and customs of its inhabitants.


There are no reviews yet.