Description
Captain Donald Joseph MacKinnon hailed from Bruernish in Barra. He was awarded the Distinguished Service Medal for his bravery at Dunkirk whilst aboard the RMS King Goerge V. His career in the Merchant Navy saw him become Captain of MacBrayne’s ship, The Loch Mor. He and his wife, Nellie, moved to South Uist with the family.
His children Chrissie, Margaret and Donalda are pleased to share their father’s love of song with us all.
01 Ho Bho Leadaidh Bheag 3:49
Seo tàladh brèagha a bhiodh Dòmhnall Eòsaph tric a’ gabhail don teaghlach aige fhèin.
02 An Dòmhnallach Urramach 2:00
Tha sgeulachd ann a tha ag innse gur ann do Dhòmhnallach à Bhàlaigh an Uibhist a Tuath a rinneadh an t-òran seo a bha measail aig daoine an iomadh ceàrnaidh. Tha an tè, ‘Bean Bhaile Ranaill’, a rinn an t- òran a’ moladh “coisiche na faoilinn, snàmhadair a’ chaolais” a dh’aindeoin ‘s gu bheil e air cùl a chur rithe.
03 Mo Nighean Dubh tha Bòidheach Dubh 4:03
Oran anns a bheil an t-ùghdair a’ moladh bòidhchead na tè leis a bheil e ann an gaol ged tha a càirdean air tighinn eatorra, “nuair chuir iad as an dùthaich mi, ’s mi ‘n dùil gun dèanainn feum dhut.” Ach tha e dòchasach nuair a gheibh e paraiste ann an Canaidh gum bi e fhèin ‘s a’ nighean dubh Chaimbeulach còmhla.
04 S’ fheudar dhomh gu fìrinneach sguir dhen Dram 3:10
Chaidh an t-òran seo a dhèanamh le Calum Dhòmhnaill MacFhionghain, Calum Ruadh, à Barraigh turas is e fhèin agus sgioba à Barraigh ag iasgach ghiomach an Canaigh. B‘e mac le Mgr Thom aig an robh an t-eilean aig an àm a bh’ann am Mgr Ailean a tha air ainmeachadh san òran.
05 A’ Bhìrlinn Bharrach 5:08
A rèir Cholm O Lochlainn a dheasaich Deoch-Slàinte nan Gillean, leabhar de dh’ òrain à Barraigh, rinneadh an t-òran seo le bràthair sìn seanair Iain Mac a’ Phearsain, An Coddy, do bhàta MhicNèill Bharraidh air an d’thàinig e fhèin agus sìn seanair Iain do Bharraidh à Muile nam balach òga.
06 Fàilte na Mòrthir 6:27
Rugadh bàrd an òrain seo Alasdair mac Mhaighstir Alasdair eadar 1690 is 1700 ann an Dail an Léigh, ri taobh Loch Seile ann am Mùideart.. Bha a theaghlach càirdeach do cheann-cinnidh Chlann Raghnaill agus Dòmhnallaich nan Eilean, is e na cho-ogha ri Flòraidh NicDhòmhnaill a thug cuideachadh don Phrionnsa Teàrlach.’S e aon de phrìomh bhàird na Gàidhlig agus tha an t-òran seo a’ toirt dealbh mionaideach air “Mòrthir bhòidheach anns an òg-mhios shamhraidh” Chaochail am bàrd timcheall air 1770 ann an Àrasaig.
07 Crò Chinn t-Sàile 2:44
Bha sgeul am beul-aithris ag innse gur e seo òran a rinneadh le saighdeir a chaidh a leòn aig Blàr Sliabh an t- Siorraim ‘s a bha a’ feuchainn ri shlighe a dhèanamh air ais gu Ceann t-Sàile.
08 Chi mi bhuam fada bhuam 2:49
Seo fear de na h-òrain aig Iain MacPhàidein (1850-1935) à Baile Mhuilinn ann am Muile. Fad iomadh bliadhna bha e ag obair dhan an Glasgow and South-Western Railway Company na gheàrd aig seann stèisean Sràid an Dòchais an Glaschu. ‘S e a sgrìobh e an t-òran a thug iomadh cèilidh gu crìch – Soraidh leibh is oidhche mhath leibh.
09 Oran na Cloiche 4:19
‘S ann à Snaoiseabhal an Uibhist a Deas a bha Dòmhnall Mac an t-Saoir, Dòmhnall Ruadh mac Aonghais Ruaidh, Bàrd Phàislig, (1889-1964). Rinn e an t-òran sgaiteach seo an dèidh do bhuidheann beag de Nàiseantaich Lia Fàil a ghoid a Abaid Westminster an oidhche ron Nollaig 1951.
10 Leig dhiot an cadal is tionndaidh rium 3:08
Òran o bheul-aithris a gheibhear ann an cruthan eadar- dhealaichte ann an diofar àiteachean.
11 An cuala sibh mu Bhòcan Uilleim 1:19
Òran beag aighearach mu Bhòcan Uilleim agus an ùpraid a tha e ag adhbharachadh.
12 Oran eile air Latha Chùil Lodair 5:43
Chaidh an t-òran seo a dhèanamh le Iain Ruadh Stiùbhart(1700-1749) à Cinn a’ Chàrdainn. Ged a b’e aon dhe na ceannardan airm a b’ fheàrr a bh’ aig na Seumasaich cha deach a’ chomhairle a ghabhail aig Blàr Chùil Lodair ann an . An dèidh a’ bhlàir thug e còig mìosan fon choill. Chaidh e dhan Fhraing còmhla ris a’ Phrionnsa Teàrlach anmoch ann an 1746 agus dh’ eug e an sin ann an 1749.
13 Fear a’ Chòta Ruaidh 2:54
Bha Mairead, piuthar do Dhòmhnall Ruadh Mac an t- Saoir, Bàrd Phàislig, pòsta aig an sgeulaiche ainmeil Donnchadh Dòmhnallach, Donnchadh Clachair, à Peighinn an Aoirein. An turas a bha seo thàinig Donnchadh a Ghlaschu, ‘s e dol a ghabhail pàirt ann am program rèidio dhan BhBC. Fhad’s a bha e sa bhaile, bha Donnchadh a’ fuireach còmhla ri Dòmhnall Ruadh agus a bhean Màiri agus thachair gu robh còta clò Hearach ruadh air. B’e seo an còta a thug cuspair an òrain don bhàrd.
14 Òran an t-Saighdeir 4:34
Anns an òran seo, tha saighdeir làn aithreachais mun latha a thachair e air fear an Dùn Èideann a dh’iarr air gabhail as an arm:
Gur olc a rinn an òige orm
‘S a’ ghòraiche le chèile;
Là chuir mi fèileadh cuachach orm’
Is còta ruadh mar èideadh.
15 Òran na h-Airship 3:27
Rugadh Ruaraidh Caimbeul, Ruaraidh mac Iain mac Dhòmhnaill ‘ic Iain Bhàin,(1900-1947) air an robh Ròidseag agus “An Case” mar fhar-ainmean, ann a’ Loch a’ Chàrnain an Uibhist a Deas. B’e seòladair a bh’ann dheth cha mhòr fad a bheatha agus bha e ainmeil airson eirmseachd, a tha cho follaiseach anns an òran seo.
16 S’ fheudar dhomh bhith togail orm 3:49
Òran togarrach. “’S fheudar dhomh bhith togail orm, feuch an gabhar mi san arm,” tha am bard ag ràdh. Ach còmhla ris dhan Fhraing tha e a’ toirt làir chuagach feuch a faigh e reic oirre. ‘S fhada gus an till e dhachaidh a Bharraigh.
Related
There are no reviews yet.