Sgoil Shamhraidh

Ceòlas Summer School | 5th – 10th July 2026

Join us for our Sgoil Shamhraidh, our annual summer school celebrating Gaelic language, music, song and dance!

Learn from world-class Gaelic, Scottish and Cape Breton tutors and musicians! Choose 2 classes – one main choice taken twice a day and a second choice class taken once a day. All participants take part in a short, informal Gaelic for All session each day and can attend workshops and events in the afternoons for free.

Tha an sgoil shamhraidh na doras air leth airson do bhogadh fhèin sa choimhearsnachd Ghàidhlig againn, le tachartasan coimhearsnachd, cuirmean agus cèilidhean fad na seachdaineach!

Na Clasaichean

Participants choose a main class, taken twice a day, and a second choice class, taken once a day.

Na h-Oidean

Tuilleadh Fiosrachaidh & Ceistean Cumanta

Am feum Gàidhlig a bhith agam airson a bhith an làthair?

’S e buidheann Ghàidhlig a th’ ann an Ceòlas agus ’s e togalach Gàidhlig a th’ ann an Cnoc Soilleir, agus mar sin tha sinn gu mòr a’ brosnachadh a h-uile oileanach a’ Ghàidhlig a chleachdadh fhad ’s a tha iad a’ frithealadh na Sgoil Shamhraidh uiread ’s a ghabhas. Tha fàilte air a h-uile ìre comais ann an Gàidhlig aig an Sgoil Shamhraidh a bhith mar phàirt den àrainneachd Ghàidhlig againn ann an Uibhist.

Dè cho sean ’s a dh’fheumas mi a bhith airson a bhith an làthair?

Tha an sgoil shamhraidh ann do dh’inbhich de gach aois. Tha sinn a’ ruith prògram òigridh do fhìdhlearan agus pìobairean aois 14-16 a tha a’ ruith ri taobh na prìomh sgoil shamhraidh, air prìs nas lugha. Faodaidh daoine òga aois 16 agus nas sine a dhol don Sgoil Shamhraidh gu lèir airson na làn-chìse.

Fèis Tir a Mhurain is on the same week as the summer school in Sgoil an Ìochdar – there will be a bus leaving Cnoc Soilleir to take children to the school. This is a week long summer school for primary school children fluent in Gaelic. For more information, contact: tiramhurain1@gmail.com

Timetable Information

Each participant chooses two classes to attend at the summer school. You will have your main choice class twice a day and your second choice class once a day. We encourage participants to attend two different classes to explore the ties between music, song, language and dance.

Chithear clàr-ama sgoil shamhraidh 2025 an seo. Classes take place Monday – Friday of Ceòlas week. There will only be some minor changes to the timetable in 2026.

Càite am bi na clasaichean a’ tachairt?

Phase 2 of Cnoc Soilleir with new dance facilities and a performance hall will be finished for the 2026 summer school, meaning all classes, including step dance, will take place in Cnoc Soilleir. So that there is enough space for the numbers dancing, the second choice Reels & Quadrilles class will still be in St Peter’s Hall.

Thèid leabhran na sgoil shamhraidh a sgaoileadh nas fhaisge air an àm anns am bi fiosrachadh mu sheòmraichean. Nuair a chlàras tu Didòmhnaich no Diluain, gheibh thu baidseachan-ainm le fiosrachadh mu na clasaichean agad agus fiosrachadh mu sheòmraichean.

Dè an ìre Ghàidhlig anns am bu chòir dhomh a bhith?

Bidh clasaichean Gàidhlig gan ruith aig na h-ìrean a leanas: Eadar-mheadhanach Tòiseachaidh, Eadar-mheadhanach Adhartach, Adhartach, Fileanta/Labhairteach le comas air crìonadh, agus Seanchas airson Luchd-labhairt Fileanta. Ma chì thu nach eil ìre a’ chlas a’ freagairt ort feuch an tig thu a bhruidhinn ri neach-obrach. Chan fhaod compàirtichean diofar ìrean Gàidhlig a thaghadh thar nan roghainnean clas, mar sin feuch an tagh thu an aon ìre a tha a’ riochdachadh na h-ìre làithrich agad.

We offer immersion week courses for people looking to only learn Gaelic language, with a wider range of levels. We will have an immersion course at the start of June – sign up to our mailing list to find out more!

Dè th’ ann an ‘Gàidhlig do na h-Uile’?

All students have a short, informal Gaelic session each day. Gaelic is an essential part of the culture here in Uist, along with the music, song and step dance, and we want all participants to learn Gàidhlig, even if only a little, during their time in Uist. You will select a class according to your level of Gaelic on your booking form, from total beginner to fluent/native speaker. If you are unsure faic am mìneachadh againn air ìrean Gàidhlig an seo..

Dè an ìre a bu chòir dhomh a bhith airson pàirt a ghabhail anns na clasaichean ciùil is dannsa?

You must be at an intermediate/advanced level to attend music classes.

With the opening of new dance facilities in Cnoc Soilleir, we are bringing back beginners step-dance. We still recommend learning a few steps before coming – there are a range of classes available, including from Sophie Stephenson, Alison Carlyle, Melody Cameron, Eibhlin Milne, Edinburgh University New Scotland Dance Society agus Sabhal Mòr Ostaig.

Tha clas dannsa Ruidhlichean & Quadrilles agus clasaichean òran Gàidhlig airson gach comas.

Ma lorgas tu nach eil thu aig an ìre cheart, feuch am bruidhinn thu ris an neach-oide agus ri neach-obrach Cheòlas Diluain an toiseach. Chan urrainn dhuinn gabhail ri gluasadan às dèidh madainn Dimàirt, airson bristeadh teagaisg a sheachnadh. Far an gabh e dèanamh feuchaidh sinn ri àite a thoirt dhut aig an ìre cheart, ach tha seo an urra ri àite a bhith sa chlas sin, agus chan urrainnear seo a ghealltainn.

A bheil feum agam air an inneal-chiùil agam fhèin?

Feumaidh gach compàirtiche ann an clasaichean chiùil an t-inneal aca fhèin a thoirt leotha.

Airson clas “Pìobaireachd do Dhannsa” bu chòir pìoba bheag no feadan a bhith aig compàirtichean ann an gleus A.

Dè dh'fheumas mi cur orm airson clasaichean dannsa-ceum?

Cuir ort aodach comhfhurtail, anns an gabh eacarsaich a dhèanamh – ’s dòcha gum fàs thu gu math blàth. Cuimhnich air a’ bhotal uisge agad. Bu chòir brògan le buinn chruaidh a thoirt leat.

Dè na tachartasan a bhios a’ dol tron t-seachdain aig Ceòlas?

Tha am prògram coimhearsnachd na phrògram de thachartasan taobh a-muigh uairean teagaisg na sgoil shamhraidh (anmoch feasgair agus oidhche) far am bi oileanaich agus a’ choimhearsnachd ionadail a’ tighinn còmhla. Bidh cosgaisean tiogaid do chuid de na tachartasan sin an cois nan cìsean sgoile, leithid bhùthan-obrach agus thachartasan còmhraidh. Bidh tiogaidean ann airson gach cuirm agus taisbeanadh.

Tha sinn a’ moladh gu làidir tiogaidean a ghleidheadh ro-làimh oir chan urrainn dhuinn gealltainn gum bi àite ri fhaighinn air an t-seachdain. Ma tha duilgheadas agad tiogaid a cheannach air-loidhne nach cuir thu fios gu sgioba Cheòlas, air neo thig a-steach gu Cnoc Soilleir.

A bheil biadh is deoch ri fhaighinn tron latha?

We are currently in the process of confirming next year’s arrangements for food and transport with our providers. More information will come in January.

Am bi Ceòlas a’ tabhann còmhdhail?

We are currently in the process of confirming next year’s arrangements for food and transport with our providers. More information will come in January.

You can view the information booklet for 2026 by clicking below.

Mar a thig thu a dh’Uibhist, agus mun cuairt

Tha iomadh dòigh ann faighinn a dh'Uibhist:

A bheil thu airson an càr fhàgail? Tha seirbheisean bus Citylink à Glaschu gu Ùige agus seirbheisean trèana ScotRail à Glaschu gu Malaig a’ ruighinn ann an àm airson breith air an aiseag.

Tha seirbheisean bus, air an ruith leis a’ Chomhairle, air a’ phrìomh rathad feadh an latha eadar Diluain gu Disathairne. Chì thu clàr-ama nam busaichean comhairle an seo.

Tha sinn a' moladh a bhith a' fuireach ann an Dalabrog neo ceann a deas Uibhist a Deas. Chìthear liosta de dh'àiteachan-fuirich faisg air Cnoc Soilleir an seo.

Booking for this year’s summer school has now closed. Please get in touch if you would like to participate in classes either in full or in a drop-in basis (subject to availability).

Thig còmhla rinn ann an Uibhist a Deas airson seachdain làn ciùil is craic!

Poileasaidh airson Cur Dheth

If you need to cancel your place at the Summer School on or prior to the 18th of May you are entitled to a full refund minus a £15 admin fee.

If you cancel between 19th May – 15th June, Ceòlas will refund 75% of the course fee only if your place can be reallocated.

We cannot offer refunds at short notice after the 15th June as we are a charitable organisation and cannot absorb the loss of funds from cancellations.

In case of circumstances outwith your control, please contact Ceòlas.

In case of circumstances outwith our control such as illness, Ceòlas reserves the right to change the advertised tutor at any time in advance of the Summer School or during the week itself.

“

The staff are all wonderful, the ladies who bake and provide the tea and of course the class teachers. Everything has been magical and emotional. Ceòlas gu bràth!

“

I came first and foremost for the step dance teaching but the surprise treasure was unlocking the realms of speaking and singing in Gaelic. Now there will be no going back for me!

“

I learned so much over this week. It deepened my understanding of Gaelic music in ways I would not have learned through my own study or mainstream courses. I felt I was being shown the core of Gaelic music tradition.

“

Excellent teachers who are down-to-earth, approachable and present at all of the events as either a performer or audience member.

“

I really loved it. Different group of people, teacher and subjects covered - I was inspired!

Gaelic for All class
“

Thank you so much for putting on such a varied programme and including us into your community. It was wonderful how the 'audience' joined in with the songs.

“

Every evening event was excellent. The more impromptu music sessions such as pub / Hotel sessions and house ceilidhs were really special, and the quality of music was incredible.

Ar Luchd-maoineachaidh