Skip to main content

Às dèidh trì bliadhna mar a’ chiad Cheannard aig Ceòlas Uibhist, bidh John Joe MacNèill a’ fàgail na dreuchd aig deireadh an Lùnastail.

Dh’fhoillsich John Joe san Fhaoilleach gun robh e an dùil fàgail. Bhon Ghiblean tha e air a bhith ag obair mar neach neo-cheangailte a’ coileanadh dreuchd a’ Cheannaird fhad ’s a bha pròiseasan fastaidh a’ dol air adhart.

Tha John Joe a’ fàgail na dreuchd gus a bhith na neach-obrach neo-cheangailte le ùidh ann an cànan, cultar agus leasachadh coimhearsnachd na Gàidhlig, ceòl, agus craoladh, a bharrachd air farsaingeachd phròiseactan cruthachail eile. Tha e cuideachd a’ stiùireadh iomairt ùir – Còisir Òigridh Ghàidhlig Nàiseanta na h-Alba (CGNA).

Fo stiùir John Joe, tha Ceòlas air sìor-fhàs. Thuirt Iseabail NicAonghais, Cathraiche Ceòlas Uibhist - “Tha John Joe air cur gu mòr ri Ceòlas thairis air na trì bliadhnaichean a dh’fhalbh. Thugadh gu buil iomadh euchd san ùine aige còmhla rinn, a’ gabhail a-steach suim mhòr maoineachaidh fhaighinn bho na com-pàirtichean againn airson nan trì bliadhna a tha romhainn - a’ chiad uair don bhuidheann. Fo bhuaidh a cheannardais, chaidh riaghladh ro-innleachdail agus stiùireadh ionmhais làidir a chur an sàs, a’ cur na buidhne ann an suidheachadh làidir agus tha e air mòran iomairtean ùra a chur ri prògram Cheòlais a tha a’ sìor-fhàs. Cha b’ fhuilear dhomh luaidh a dhèanamh air a’ phàirt chudromach aig John Joe ann an leasachadh Cnoc Soilleir, gu sònraichte an t-adhartas mòr a chaidh a dhèanamh a thaobh togail an talla-èisteachd. Às leth a’ bhùird stiùiridh, an luchd-obrach, agus na coimhearsnachd fharsaing, tha sinn a’ guidhe gach soirbheachais dhan iomairt ùr aige. Tha sinn cuideachd airson taing a thoirt do John Joe airson a thaic leantainnich thairis air na mìosan a dh’fhalbh fhad ’s a bha e ag obair leis a’ bhuidheann air stèidh neo-cheangailte.”

Thuirt John Joe – “Tha e air a bhith na thoileachas a bhith ag obair le sgioba cho math – an luchd-obrach, am bòrd, an comataidh ionadail agus a’ choimhearsnachd fharsaing. Còmhla, tha sinn air uimhir a choileanadh, agus tha Ceòlas ann an suidheachadh fìor mhath. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri Ceòlas airson iomadh bliadhna ri tighinn. Tha mi a’ guidhe gach soirbheachais do gach neach a tha an sàs san ath chaibideil de thuras Cheòlais.” Tha Ceòlas ro-thoilichte ainmeachadh gu bheil Peigi Ann NicIlleMhaoil air aontachadh dreuchd Manaidsear Obrachaidh Eadar-amail a ghabhail os làimh airson bliadhna. Tha Peigi Ann air a bhith ag obair leis a’ bhuidheann airson còrr is 17 bliadhna, mar Mhanaidsear Oifis is Ionmhais o chionn ghoirid.

Thuirt Pauline NicDhòmhnaill, Iar-Chathraiche na buidhne – “Tha am bòrd anabarrach toilichte gu bheil Peigi Ann air aontachadh an dreuchd seo a ghabhail os làimh. Tha i na ball den sgioba fìor sgileil, le iomadh bliadhna de dh’eòlas ag obair leis a’ bhuidheann agus leis a’ choimhearsnachd. Bidh eòlas Peigi Ann deatamach agus sinn a’ gluasad chun na h-ath ìre de dhealbhadh, fosgladh agus riaghladh an dàrna ìre de Chnoc Soilleir.”

Thuirt Peigi Ann – “An dèidh 17 bliadhna, tha mi air bhioran fàilte a chur air caibideil ùr nam shlighe-chosnaidh. Tha mi a’ coimhead air adhart ris na cothroman agus na dùbhlain a tha romham. Tha mi fìor dhealasach a thaobh mo chuid obrach leis a’ bhuidheann agus tha mi deònach mo dhìorras a cho-roinn leis gach neach a tha an sàs ann – bhon sgioba luchd-obrach chun na coimhearsnachd nas fharsainge.”

Mu dheireadh, tha Ceòlas toilichte innse gun deach Shona Mhoireasdan ainmeachadh mar a’ chiad Stiùiriche Cruthachail do Cheòlas. Bidh Shona ag obair còmhla ri Peigi Ann, Iain Dòmhnallach (Stiùiriche Ealain Cheòlais), an luchd-obrach agus an sgioba nas fharsainge gus lèirsinn chruthachail na buidhne a chumadh agus a lìbhrigeadh, a’ togail air com-pàirteachasan a th’ ann mar-thà agus prògram inntinneach a leasachadh a tha freumhaichte ann an cànan, cultar agus dualchas na Gàidhlig, agus sinn ag ullachadh airson an talla-èisteachd fhosgladh ann an Ìre 2 de Chnoc Soilleir as t-Earrach 2026.

Thuirt Seonaidh Mac an t-Saoir, Stiùiriche Cheòlais – “Tha sinn air ar dòigh fàilte a chur air Shona gu dreuchd a’ chiad Stiùiriche Cruthachail aig Ceòlas. Tha an dreuchd seo a’ comharrachadh caibideil ùr inntinneach don bhuidheann, gu sònraichte agus sinn a’ coimhead air adhart ri fosgladh an talla-èisteachd ann an Ìre 2 de Chnoc Soilleir. Tha eòlas mòr aig Shona air ar freumhan cultarail, còmhla ri sealladh ùr a chuidicheas sinn gu fàs agus leasachadh. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn a lèirsinn a’ tighinn beò fhad ’s a thèid am prògram cruthachail againn a shìor-leasachadh fo a stiùireadh.”

Thuirt Shona – “ Tha mi a' coimhead air adhart gu mòr ri tòiseachadh ann an dreuchd a’ chiad Stiùiriche Cruthachail aig Ceòlas, gu h-àraidh aig àm cho cudromach don bhuidheann. Chòrd e rium a bhith ag obair air iomairtean Gàidhlig Cheòlais thar nan ceithir bliadhna a dh’fhalbh agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ leasachadh agus a’ lìbhrigeadh phrògraman cruthachail a-nis. Tha mi air bhioran togail air an dìleab iongantach a chruthaich Ceòlas thar an 30 bliadhna a dh’fhalbh. Fhad ’s a dh’ullaicheas sinn airson an talla-èisteachd ùr fhosgladh ann an Cnoc Soilleir, tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair leis an sgioba gus prògraman inntinneach agus tarraingeach a chruthachadh a bhios a’ comharrachadh agus a’ neartachadh ar cultair agus ar coimhearsnachd Ghàidhlig.”

Bu mhath le Ceòlas taing a thoirt do na com-pàirtichean maoineachaidh uile a’ gabhail a-steach Bòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail, Riaghaltas na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, agus Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Leave a Reply