Bho Ghinealach gu Ginealach

£15.00

70 in stock

Category:

Description

‘A Pheigi a Ghràidh’, ‘Òran na h-Airship’, ‘A’ Bhriogais Uallach’, ‘Òran nan Stocainnean’; tha òrain a rinn iad am measg na feadhna as measail aig na Gàidheil an-diugh.

‘S e cruinneachadh de bhàrdachd agus òrain a rinn trì ginealaich den aon teaghlach tàlantach a th’ anns an leabhar seo – dà bhràthair agus piuhtar anns a’ chiad dol a-mach, ceathrar bhràithrean san ath ghinealach agus eisimpleir bho ghinealach an latha an-diugh.

Ged a chaidh àireamh dhiubh fhoillseachadh roimhe, cha deach an toirt cruinn a-riamh. ‘S e taghadh nan deasaichean agus an taghlaich a tha seo, a’ toirt sealladh air beatha alàitheil thar còrr is ceud bliadhna de dh’ atharrachadh sòisealta agus teicneòlasach ann an Uibhist a Deas. Tha na dealbhan a’ cur ris a’ bhàrdachd; sealladh eile air na bàird agus air dòigh-beatha na coimhearsnachd as an robh iad freumhaichte.

“Tha an teaghlach air fad air leth moiteil a’ bhàrdachd seo fhaicinn ann an clò a’ toirt cothrom dhan mhòr-shluagh na h-òrain a leughadh agus a seinn. Tha sinn a’ toirt taing dha Jo NicDhòmhnaill agus Ceòlas airson an obair ionmholta a rinn iad agus airson an cohtrom seo fhaighinn dìleab nan Caimbeulach a thoirt dhan ath ghinealach.” – Dòmhnall Ruairiadh Caimbeul

 

A selection of the Gaelic songs and poems of the Campbell family of South Lochboisdale, South Uist passed on from generation to generation.

There are no reviews yet.

Be the first to review “Bho Ghinealach gu Ginealach”

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach