An t-Eilean Beag Lurach mu Thuath

£5.00

30 in stock

Category:

Description

‘S ann aig oidhche a-measg sheinneadairean ann an Solas an Uibhist a Tuath a chuala mi an toiseach òran le Anndra Hòrasairigh. Sheinn Ceitidh NigCarmaig, an nighean aige, an t-òran ‘An t-Eilean Beag Lurach Mu Thuath’ aig cèilidh a thachair aig toiseach a’ phròiseact rannsachaidh ‘European Oral Song Traditions’ a rinn Ceòlas an ann 2013.

‘S ann le tuiteamas dall a bha mi air chur romhan agallamh a dhèanamh le Cathie Linc air an ath-latha – agus lorg mi a-mach gu robh ise pòsda ri mac Anndra, Alasdair Linc a tha a’fuireach ann an Cnoc a’ Lìn. An uair sin, leugh mi mu dheidhinn òran eile a rinn e, ‘Òran na Caillich’, anns an leabhar aig Maighread Challan, ‘Air Bilean an t-Sluaigh’. Bha an cuspair-rannsachaidh agam air a thaghadh. Le cead bho theaghlach, chur mi romham cruinneachadh a dhèanamh de na h-òrain a rinn e. ‘Se an amas a bh’agamsa, a’ bhith a’ cruinneachadh na h-òrain fhèin, ach cuideachd a bhith a’ cruinneachadh sgeulachdan air cuin agus carson a chaidh na h-òrain a dhèanamh. Tha na sgeulachdan air cùl nan orain a’ toirt context dhaibh, tha iad a’ sealltain mar a bha e na rud nàdarra dhan bhàrd a bhith a dèanamh òrain.

A bharrachd air a sin, tha iad mar eachdraidh soisealta dhen choimhearsnachd ann a robh e beò. Tha iad a’ toirt sealltainn cho cudthromach agus a bha òrain agus seinn an am beatha laitheal na coimhearsnachd. Air sàilleabh sin, anns an leabhar seo tha mi air na h-òrain agus na sgeulachdan a’ sgrionhadh a-mach dìreach mar a chuala mi iad, facal air an fhacal. Bu mhath lean taing mhòr a thoirt dhan a h-uile duine as an teaghlach a thug fiosrachadh is sgeulachdan is òrain dhomh: Alasdair agus Cathie Linc, Ceitidh NicCarmaig, Nanag Skivington agus Christine NicLeòid. ‘Se daoine laghach, coibhneil, bàidheil agus fialaidh a th’annta uile, dìreach mar a bh’aig Anndra fhèin san òran aige mu dheidhinn muinntir Uibhist:

Tha coibhneas is bàigh na chuid dhaoin’

Nach fhaic thu an àit’ air an t-saoghaill

Ma bhios tu nad èiginn, cha dèan iad do thrèigsinn

Thig cobhar gu d’fheum o gach taobh.

 

The songs of Andrew Laing from Balemore, North Uist.

There are no reviews yet.

Be the first to review “An t-Eilean Beag Lurach mu Thuath”

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach