Loading Events

« All Events

  • This event has passed.

Òraid / Talk: Breabadair an Staca

An Cèitean 31 @ 2:30 f - 3:30 f BST

Òraid le Liam Crouse mu bheul-aithris air Breabadair an Staca.

Thàinig fear a dh’Uibhist a Tuath. Choisich e às a’ cheann a tuath gus an do ràinig e an Leth Mheadhanaich ann an Uibhist a Deas. Bha an oidhche air tighinn agus chaidh e gu taigh far an robh fear, bean agus dithis nighean. Chuir e seachad an oidhche ann. Dh’fhalbh e an làrna-mhàireach gus an do ràinig e Caolas Èirisgeigh. Fhuair e geòla agus chaidh e gu Eilean an Staca aig ceann a deas Èirisgeigh.

Thog e taigh air an eilean. Thill e air ais a dh’Uibhist chun an taighe anns an do chuir e seachad an oidhche agus phòs e tè dhe na h-igheanan. Thill iad air ais chun an staca. Bha iad ri chèile a’ fighe agus le seo ‘s e Breabadair an Staca a thugadh air.

–

Talk with Liam Crouse about the folklore surrounding the Stack Weaver.

An unknown man came off the packet-steamer in North Uist. He walked from there to South Boisdale in South Uist. Night was falling and he arrived at a house where a husband, wife and two daughters lived. He spent the night there and left the next morning, going as far as the Sound of Eriskay. He found a dinghy and arrived at a place called Eilean an Staca, at the south end of Eriskay.

He built a house on the island. He went back to the house in Uist where he had spent the night and married one of the daughters. They went back Stack Island, where both were weavers. He thus became known as Breabadair an Staca [The Stack Weaver].

Details

  • Date: An Cèitean 31
  • Time:
    2:30 f - 3:30 f BST
  • Event Category:

Organiser

Venue