Tha Ceòlas toilichte grunn dhreuchdan ùra ainmeachadh anns an sgioba aca.
Tha Lauren Anne NicIllEathain air dreuchd Stiùiriche Cruthachail a ghabhail os làimh rè an fhòrlaidh mhàthaireil aig Shona Mhoireasdan. Stèidhichte ann an Uibhist a Tuath, tha Lauren Anne na tidsear bun-sgoile agus na ceòladair Gàidhlig le raon farsaing de dh’eòlas. Tha Ceòlas a’ cur dhùrachdan gu Shona agus Pàdruig agus iad ag ullachadh airson teachd an leanaibh.
Chaidh Màiri Anna Chaimbeul ainmeachadh mar Oifigear Ionnsachaidh is Coimhearsnachd na Gàidhlig. Bidh an dreuchd aice ag amas air prògraman ionnsachaidh na Gàidhlig aig Ceòlas, a’ gabhail a-steach chlasaichean air-loidhne agus aghaidh-ri-aghaidh, agus sgoiltean bogaidh. Tha Màiri Anna air a bhith ag obair le Comunn na Gàidhlig airson còrr is 16 bliadhna, a’ toirt leatha eòlas mòr ann an leasachadh na Gàidhlig. Tòisichidh i san dreuchd a dh’aithghearr.
Bidh Yvonne Irving a’ tòiseachadh mar Rianadair san t-Sultain, a’ toirt leatha iomadh sgil feumail don dreuchd. Tha Yvonne an-dràsta ag obair do Chomhairle nan Eilean Siar ann am foghlam agus tràth-bhliadhnaichean bho ghluais i a dh’Uibhist còmhla ri a teaghlach bho chionn beagan bhliadhnaichean.
Ann an com-pàirteachas le Buidheann Luchd-ùidh Plana Gàidhlig Uibhist, chaidh Ceiteag NicDhòmhnaill a chur an dreuchd mar Oifigear Plana Gàidhlig agus Coimhearsnachd Uibhist. Bha i roimhe na tidsear bun-sgoile agus thug i seachad grunn bhliadhnaichean le Cothrom Òg mar Mhanaidsear na Sgoil-àraich. Tòisichidh i san dreuchd ùr san t-Sultain. Tha am post air a riaghladh le Buidheann Luchd-ùidh Plana Gàidhlig Uibhist le taic dhaonna bho Cheòlas. Tha an obair ga maoineachadh gu h-iomlan le Bòrd na Gàidhlig airson bliadhna.
Bheir na dreuchdan ùra seo taic don sgioba làthaireach aig Ceòlas: Peigi Ann NicIlleMhaoil (Manaidsear Obrachaidh Eadar-amail), Iain Dòmhnallach (Stiùiriche Ealain), agus Anndra Muncaster (Oifigear Conaltraidh is Meadhanan Sòisealta).
Tha John Joe MacNèill, a’ chiad Cheannard aig Ceòlas a bha ag obair don bhuidheann bhon Ghiblean mar neach neo-cheangailte, a’ fàgail na buidhne an t-seachdain seo. Tha Dòmhnall MacEanraig, a tha air a bhith ag obair le MG Alba ann an com-pàirteachas le Ceòlas mar Neach-Cruthachaidh Susbaint Coimhearsnachd, a’ fàgail agus e a’ tòiseachadh air a chuid ionnsachaidh ann an naidheachdas aig Oilthigh Cailleannach Ghlaschu. Tha Mìcheal MacIllFhialain, oileanach fo-cheum le Ceòlas ann an co-obrachadh le Comhairle nan Eilean Siar, cuideachd a’ falbh gus tòiseachadh air a chuid ionnsachaidh oilthighe.
Tha Ceòlas a’ toirt taing do gach ball den luchd-obrach a tha a’ fàgail airson na chuir iad ri Ceòlas agus a’ guidhe gach soirbheachais dhaibh nan oidhirpean san àm ri teachd.




