Bidh Ceòlas a’ tabhann cothrom air leth air eòlas a chur air dualchas beò Gàidhlig ann an Uibhist a Deas.
Gaelic language & song and step dance and fringe events.
Fàilte gu àrainn bheòthail Ghàidhlig
Naidheachdan Ùra
Bidh Ceòlas a’ comharrachadh, ag adhartachadh, agus a’ leasachadh ceòl traidiseanta, cànan, cultar agus dannsa
Aig a’ chridhe tha lèirsinn gus ceòl, òrain, agus dannsa nan Gàidheal ath-cheangail ris am freumhan Gàidhlig.
Ceòl Beò
& Tachartasan
Tha Ceòlas moiteil taic a chumail ri ìre àrd de thàlant ciùil ann an Uibhist agus saoghal na Gàidhlig. Bidh an sgoil shamhraidh bhliadhnail againn a’ tabhann oideachadh àrd-ìre le prògram farsaing de chuirmean, chèilidhean, òraidean agus barrachd. Seo seachdain nach bi thu airson a chall!
Bidh sinn a’ cur fàilte air luchd-ealain air chuairt, tachartasan dualchais, òraidean, fèis leabhraichean bhliadhnail, tachartasan teaghlaich is eile tron bhliadhna, le tachartasan ann an Uibhist agus air-loidhne.
Clasaichean Gàidhlig
Bheir clasaichean Gàidhlig Cheòlais cothrom dhut Gàidhlig ionnsachadh agus a chleachdadh, ge brith càite a bheil thu!
Bidh na clasaichean againn ag amas air bruidhinn agus cleachdadh a’ chànain, agus air Gàidhlig ghnàthasach mar a thathar ga bruidhinn ann an Uibhist is na h-eileanan, le oidean eòlach.
Thig nur Caraid!
Cuir taic ri obair Cheòlais le bhith a’ dol nad Charaid do Cheòlas no nad bhall den chompanaidh!
Faigh cuairt-litir
Cùm suas ris na naidheachdan as ùire againn, tachartasan, clasaichean agus rudan eile a tha a’ dol.

