Skip to main content

Tha sinn air ar dòigh innse gum bi Peigi Ann NicIlleMhaoil air a suidheachadh mar Cheannard na buidhne Ceòlas Uibhist Earr..

Tha Peigi Ann an dèis a bhith ag obair aig Ceòlas bho 2009. Bho ghabh i uallach mar Mhanaidsear Obrachaidh Eadar-amail bho 28 Iuchar 2025, tha i air obair ionmholta a dhèanamh a’ stiùireadh agus a’ leasachadh na buidhne tro bhliadhna thrang shoirbheachail. A’ leantail na h-ùine pròbhaidh aice, agus bliadhna thàbhachdach, tha am Bòrd toilichte a dearbhadh ann an dreuchd a’ Cheannaird.

Tron ùine aice mar Mhanaidsear Obrachaidh Eadar-amail, tha Peigi Ann air a cuid dealais a dhearbhadh dhan bhuidheann, a luchd-obrach, agus dhan choimhearsnachd nas fharsaing. Tha i cuideachd air trèanadh ann an stiùireadh buidhne a ghabhail os làimh agus air oideachadh fhaighinn tron phrògram HIE IMPACT do bhoireannaich, a bheir taic stiùiridh agus fàis ann an gnìomhachasan fo stiùir bhoireannach.

Thuirt Peigi Ann:

“Thug am prògram misneachd dhomh gus an ath-cheum a ghabhail a-steach gu obair ceannaird agus a bhith a’ creidsinn anns na comasan agam fhèin. Tron phrògram, tha mi air sgilean ùra agus eòlas luachmhor a thogail, cho math ris a’ chothrom a bhith a’ smaointinn air na neartan agam fhèin agus air an t-seòrsa ceannaird a lùiginn a bhith. Bha e gam bhrosnachadh gu bhith a’ conaltradh nas misneachaile, a’ cur taic ris an sgioba nas èifeachdaiche, agus a’ fuasgladh dhùbhlan le spionnadh agus dìcheall.

Tha mi a’ faireachdainn cus nas ullaichte agus nas misneachail a’ dol a-steach gu obair a’ Cheannaird a-nise. Tha fhios gum bi dùbhlain ùra ann daonnan, ach tha a’ mhisneachd agam gus an coinneachadh, agus a bhith a’ cumail orm ag ionnsachadh agus a’ fàs mar cheannard.

Tha Ceòlas air a bhith cho cudromach dhomh thar na 19 bliadhna a dh’fhalbh, agus chì mi gach latha a’ bhuaidh mhòr mhaireannach a tha a’ bhuidheann a’ toirt air a’ choimhearsnachd agus na daoine a thig thugainn. ’S e urram dha-rìreabh a th’ ann gun d’fhuair mi an cothrom seo gus an sgioba a stiùireadh agus a leasachadh ann an dòigh ùr. Tha mi gu mòr an comain a’ phrògraim airson na taice a thug e dhomh, agus tha mi a’ coimhead air adhart ris na sgilean a chur ann an gnìomh anns a’ chaibideil ùr seo nam bheatha.”

Tha Peigi Ann air deagh stiùireadh cunbhalach a thoirt air an sgioba tro phrògram àrd-amasach de thachartasan agus ghnìomhachdan. Fo a làimh, tha Ceòlas a’ cumail air a’ fàs, a’ buileachadh raon soirbheachail de phròiseactan, a’ gabhail a-steach Sgoil Shamhraidh 2026. Tha comas air leth aice an sgioba a mhisneachadh, càirdeasan a neartachadh le luchd-uidhe, agus a dhèanamh cinnteach gu bheil a’ bhuidheann air a ruith gu rèidh gach latha.

Thuirt Isabell NicAonghais, Cathraiche a’ Bhùird:

“Tha ùidh, proifeiseantachd, agus dìcheall Peigi Ann do dh’amasan agus luachan Cheòlais air drùidheadh oirnn uile. Tha an dealas aice airson an dualchais, a’ chànain, agus nan coimhearsnachdan a tha an urra rinn, follaiseach anns gach rud a nì i, agus tha i air urram agus taic a choisinn bhon luchd-obrach, luchd-teagaisg, saor-thoilich, agus luchd-uidhe le chèile.”

Le Peigi Ann aig an stiùir, tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ togail air an t-soirbheachas agus an leasachadh gus fàs a chur air Ceòlas san ùine romhainn. Tha sinn taingeil dha-rìreabh gu bheil i againn a’ stiùireadh na buidhne a-steach dhan ath chaibideil, agus a’ guidhe gach soirbheis dhi anns an obair ùr.

Leave a Reply