’S e an t-amas sònraichte a th’ aig Ceòlas, tron Sgoil Shamhraidh agus tachartasan eile, ceòl nan Gàidheal ath-cheangal ris am freumhan Gàidhlig. Tha Uibhist a Deas na dhaingneach airson cànan is ceòl nan Gàidheal agus na àite air leth freagarrach airson seo.
Bidh sinn a’ cur fàilte air ceòl traidiseanta barraichte, a thuilleadh air a bhith a’ toirt chothroman do thàlant òg ionadail gus an ath ghinealach de luchd-ciùil Gàidhlig a bhrosnachadh.



