Dualchas

Tha eachdraidh shònraichte chudromach aig Uibhist a Deas a th’ air a toirt seachad ann an seanchas agus òrain. Tha a’ chruth-tìre agus an dòigh-beatha air atharrachadh gu mòr thar nan linntean, ach tha dualchas làidir – ceangailte gu dlùth ris a’ Ghàidhlig – air maireachdainn beò.

Bidh Ceòlas a’ cur Fèill Dualchais / Symposium air dòigh gach bliadhna le cuspair ùr gus eòlas dùthchasach mu eachdraidh, àrainneachd, agus muinntir na sgìre a thoirt còmhla ri sgoilearachd acadaimigeach.

Culture Cultar

Dèan ceangal leis an Dualchas Ghàidhlig againn

Bidh Ceòlas a’ ruith thachartasan tron bhliadhna gus ar dualchas agus ar n-eachdraidh a chomharrachadh agus a rannsachadh. Sna bliadhnaichean roimhe sin, bha Ceòlas a’ ruith Symposium bliadhnail le cuspair inntinneach ùr gach bliadhna. Bho 2025 air adhart tha sinn ag ùrachadh na Symposium mar Sheachdain Dualchais Uibhist le tachartasan, òraidean, agus a bharrachd, stèidhichte air cuspair. San àm a dh’fhalbh, tha mòran de na cuspairean againn air tighinn bho chinn-bliadhna chudromach.

Faodaidh sibh leughadh gu h-ìosal mu na pròiseactan agus tachartasan a bh’ againn roimhe mu eachdraidh is dualchas Uibhist.

Ar n-Obair

We are continually updating this section as we work through our archive. If you know of any projects that are missing or have media from past events & projects, please get in touch!
CNOC SOILLEIR

A new centre to support research in the history and heritage of the islands.

’S e co-iomairt a th’ ann an Cnoc Soilleir eadar Ceòlas agus OGE a Tuath, an Iar & Innse Gall a tha a’ comasachadh co-obrachaidh air pròiseactan leithid Ulaidhean Uibhist (Uist Unearthed) agus PhD a’ sgrùdadh taighean-tughaidh!