Cànan

Tha Ceòlas dealasach a thaobh ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig san àm ri teachd. Bidh sinn a’ lìbhrigeadh thachartasan is ghnìomhachdan foghlaim an dà chuid mun Ghàidhlig agus anns a’ Ghàidhlig. Tha cultar, dualchas, ceòl agus cànan na Gàidhlig aig cridhe obair Cheòlas, a bhuill agus na coimhearsnachd sa bheil e suidhichte.

Tha Ceòlas a’ toirt cothrom air leth airson Gàidhlig ionnsachadh agus a chleachdadh ann an coimhearsnachd Ghàidhlig Uibhist a Deas. Bidh sinn a’ toirt seachad teagasg bho luchd-oideachaidh eòlach ionadail, ag amas air daoine a chuideachadh gu bruidhinn a’ chànain ann an dòigh nàdarra.

Ionnsaich Gàidhlig ann an Uibhist a Deas!

Bidh Ceòlas a’ tabhann chlasaichean Gàidhlig ann an Uibhist agus air-loidhne, cùrsaichean bogaidh agus clasaichean airson luchd-labhairt na Gàidhlig bho thùs/air crìonadh gus tilleadh gu fileantachd.

Mas e neach-labhairt no neach-ionnsachaidh Gàidhlig a th’ annad le ùidh mhòr ann an ceòl, tha an Sgoil Shamhraidh againn na àite air leth freagarrach airson ceòl ionnsachadh ann an àrainneachd Ghàidhlig agus coinneachadh ri luchd-labhairt na Gàidhlig eile.

Ar n-Obair

Na Chanas Daoine:

”The little time he spent in the cabadaich really helped him to realise he can still speak and really improved his confidence

Summer School Participant

”Friendly, informal but structured with great teaching and good conversation especially at the beginning but also through the classes

Online Class Attendee

”I particularly enjoyed the Seanchas class. It was a unique opportunity to listen to Gaelic being spoken in a very natural (and often humorous!) way and to learn about life on Uist

Summer School Participant
CNOC SOILLEIR

Modern educational facilities in South Uist

7 flexible classroom spaces for in-person and online hybrid learning in partnership with UHI North, West & Hebrides.