Tha Ceòlas air aon de na h-iomadh bhuidheann a tha air a bhith ag obair gus dannsa-ceum a thoirt air ais gu saoghal dùthchasach na h-Alba. Chrìon an nòs dannsa seo an Alba, ach dh’fhan e làidir ann an coimhearsnachdan eilthireach ann an Ceap Breatainn.
Tha dannsa-ceum, ruidhlichean agus nòsan eile de dhannsaichean sòisealta uile ceangailte gu dlùth ri puirt is ruitheam ceòl is òrain Ghàidhlig.