Bidh Ceòlas a’ tabhann cothrom air leth air eòlas a chur air dualchas beò Gàidhlig ann an Uibhist a Deas.
Gaelic language & song and step dance and fringe events.
Naidheachdan Ùra
Fàilte gu àrainn bheòthail Ghàidhlig
Aig a’ chridhe tha lèirsinn gus ceòl, òrain, agus dannsa nan Gàidheal ath-cheangail ris am freumhan Gàidhlig.
Ceòl Beò
& Tachartasan
Tha Ceòlas moiteil taic a chumail ri ìre àrd de thàlant ciùil ann an Uibhist agus saoghal na Gàidhlig. Bidh an sgoil shamhraidh bhliadhnail againn a’ tabhann oideachadh àrd-ìre le prògram farsaing de chuirmean, chèilidhean, òraidean agus barrachd. Seo seachdain nach bi thu airson a chall!
Bidh sinn a’ cur fàilte air luchd-ealain air chuairt, tachartasan dualchais, òraidean, fèis leabhraichean bhliadhnail, tachartasan teaghlaich is eile tron bhliadhna, le tachartasan ann an Uibhist agus air-loidhne.
Clasaichean Gàidhlig
Bheir clasaichean Gàidhlig Cheòlais cothrom dhut Gàidhlig ionnsachadh agus a chleachdadh, ge brith càite a bheil thu!
Bidh na clasaichean againn ag amas air bruidhinn agus cleachdadh a’ chànain, agus air Gàidhlig ghnàthasach mar a thathar ga bruidhinn ann an Uibhist is na h-eileanan, le oidean eòlach.
Faigh cuairt-litir
Cùm suas ris na naidheachdan as ùire againn, tachartasan, clasaichean agus rudan eile a tha a’ dol.


