Loading Events

« All Events

  • This event has passed.

TAIGH/TŶ/TEACH

November 11, 2025 @ 7:30 pm - 9:30 pm GMT

Nuair a dh’fhàsas taighean gann, dè thachras
Do theaghlach,
Do chànan,
Do choimhearsnachd?

Tha Theatre Gu Leòr a’ tighinn gu Uibhist a Deas ann an cola-deug airson film a thaisbeanadh den dealbh-cluich chliùiteach: Taigh Tŷ Teach

‘S e co-riochdachadh ùr, ioma-chànanach a th’ ann an Taigh Tŷ Teach, air a sgrìobhadh le Màiri Nic ’Ille Mhoire ann an Alba, Eva O’ Connor ann an Èirinn agus Mared Llywelyn Williams sa Chuimrigh, ’s e air a thaisbeanadh ann an Gàidhlig, Gaeilge agus Cuimris, le fo-thìotalan is closed captions ann am Beurla.

Trì thaighean, trì choimhearsnachdan agus trì sgeulachdan ri innse, gach aon a’ meòrachadh air na dùbhlain a th’ aig na trì dhùthchanan ann an cumantas, agus na daoine a tha aig teis-meadhan na cùise.

Bidh còmhraidhean ann le guthan ionadail, bidh srùpag agus greim bìdh ann – am bidh sibhse ann?

—

Theatre Gu Leòr are coming to South Uist in a fortnight to share a filmed version of the acclaimed play Taigh Tŷ Teach

Taigh Tŷ Teach is a major, tri-lingual co-production of a new site-specific piece written by Mairi Morrison in Scotland, Eva O’ Connor in Ireland and Mared Llywelyn Williams in Wales, performed in Gaelic, Irish and Welsh with English subtitles and closed captions.

Three houses, three communities and three stories unfolding, each reflecting the challenges shared by the three countries and the people at the heart of them.

There will be discussions with local voices, maybe even a cuppa and a bite to eat – will you be joining us?

Click here for tickets!

Details

  • Date: November 11, 2025
  • Time:
    7:30 pm - 9:30 pm GMT

Venue